Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 7:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

48 Iomraidhean Croise  

Agus thug e sparradh dhaibh, ag ràdh, Mar seo nì sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas, agus le cridhe iomlan.

Ciod leis an glan an t‑òganach a shlighe? Trìd faicill, a rèir d’fhacail.

Tha eagal an Tighearna fìorghlan, a’ maireachdainn am feasd; is fìrinn breitheanais an Tighearna; tha iad gu h‑iomlan cothromach.

Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.

Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.

Cò a dh’fhaodas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe, tha mi glan om pheacadh?

Tha ginealach ann a tha glan nan sùilean fhèin, gidheadh nach eil air an nighe on salchar.

Is e eagal an Tighearna an t‑olc fhuathachadh; uabhar, agus àrdan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam.

Uime sin atharraich doilgheas od chridhe, agus cuir olc air falbh od fheòil; oir is dìomhanas leanabachd agus òige.

Nighibh, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc.

Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.

Chunnaic mi d’adhaltranas, agus do shitrich, agus do strìopachas mì‑nàireach, do ghràinealachdan air na cnuic, anns a’ mhachair. Mo thruaighe thu, O Ierusaleim! Nach bi thu air do ghlanadh? Cuin idir a bhios sin?

Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?

Agus an t‑aodach, mas dlùth, no inneach e, no nì air bith dèante de chraiceann, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, an sin nighear e an dara uair, agus bidh e glan.

An dara cuid dèanaibh a’ chraobh math, agus a toradh math; no dèanaibh a’ chraobh truaillidh, agus a toradh truaillidh; oir is ann air a toradh a dh’aithnichear a’ chraobh.

Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.

Is beannaichte na daoine a tha glan nan cridhe: oir chì iad Dia.

An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.

Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs:

Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le ur corp, agus le ur spiorad, as le Dia.

Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.

Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.

A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.

Oir cha do ghairm Dia sinn gu neòghlaine, ach gu naomhachd.

Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.

Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh-làimh air.

Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall-se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh-se naomh mar an ceudna nur n‑uile chaitheamh-beatha:

Agus ma ghoireas sibh air an Athair, a bheir breith a rèir obraichean gach neach, gun chlaon-bhàidh ri neach seach a chèile, caithibh aimsir ur cuairt an seo le eagal:

Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:

A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama;

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.

Agus gach neach aig a bheil an dòchas seo ann, glanaidh e e fhèin, mar a tha esan glan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan