Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 6:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ann am facal na fìrinn, ann an cumhachd Dhè, le airm na fìreantachd air an làimh dheis agus chlì.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus na buin facal na fìrinn gu h‑iomlan as mo bheul, oir ann ad bhreitheanais chuir mi mo dhòchas.

Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram.

Agus bidh ionracas na chrios ma leasraidh, agus fìrinn na crios ma àirnean.

Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd-èideadh; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing.

Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.

Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna.

Ach dhaibhsan a tha air an gairm, araon Iùdhaich agus Greugaich, Crìosd cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè:

Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh-se.

Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.

Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè.

Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris-san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus.

Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh:

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,

O chuala sibh e, agus o theagaisgeadh leis sibh, mar a tha an fhìrinn ann an Iosa:

Airson an dòchais a tha air a thasgadh fa ur comhair air nèamh, air an cuala sibh iomradh roimhe ann am facal fìrinn an t‑soisgeil:

Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:

Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.

Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh.

Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan