Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.
Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.
Oir nan dèanadh an neach a thig Iosa eile a shearmonachadh nach do shearmonaich sinne, no nam faigheadh sibhse spiorad eile nach d’fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, dh’fhaodadh sibh gu math giùlan leis.
Ach ged tha mi neo-fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn-fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg-se.
Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.
Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.
Ge bè neach don toir sibhse maitheanas ann an nì sam bith, bheir mise mar an ceudna: oir ma thug mise maitheanas ann an nì sam bith, ge bè don tug mi am maitheanas, is ann air ur son-se a thug mi e, am fianais Chrìosd;
Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh.
Air dha a bhith follaiseach gur sibh litir Chrìosd, a fhrithealadh leinne, a tha air a sgrìobhadh chan ann le dubh, ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàir cloiche, ach air clàir feòil a’ chridhe.
Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.
An tì uime sin a tha a’ frithealadh dhuibh an Spioraid, agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg, an ann tre obraichean an lagha, no tre èisdeachd a’ chreidimh a nì e seo?
Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh-beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine.
Anns na h‑uile nithean gad nochdadh fhèin ann ad eisempleir dheagh obraichean: ann an teagasg a’ nochdadh neo-thruaillidheachd, suidheachadh inntinn, treibhdhireis,
Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth-bhreith agus gun cheilg.
Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.
Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:
Agus thubhairt ise ris, Cionnas as urrainn thu a ràdh, Tha gràdh agam dhut, nuair nach eil do chridhe leam? Na trì uairean seo mheall thu mi, agus cha d’innis thu dhomh càit a bheil do neart mòr a’ laighe.