Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd làn de shaill.
A bheil taigh Iàcoib ag ràdh, A bheil Spiorad an Tighearna air a chumhangachadh? An iad seo a ghnìomharan? Nach eil mo bhriathran-sa a’ dèanamh maith don neach a ghluaiseas gu h‑ionraic?
Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas;
Agus ge bè neach aig a bheil maoin an t‑saoghail seo, agus a chì a bhràthair ann an uireasbhaidh, agus a dhruideas a chridhe na aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a’ gabhail còmhnaidh annsan?