Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 6:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha ar beul-ne fosgailte dhuibhse, O Chorintianacha, tha ar cridhe air a dhèanamh farsaing.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Oir is e Dia m’fhianais, cia mòr mo dhèidh oirbh uile, ann an innibh Iosa Crìosd.

Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.

Ann an slighe d’àitheantan ruithidh mi, nuair a chuireas tu mo chridhe ann am farsaingeachd.

Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh.

Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

Agus a‑nis biodh fhios agaibhse, Philipianacha, ann an toiseach an t‑soisgeil, nuair a dh’fhàg mi Macedònia, nach do roinn eaglais air bith riumsa, a‑thaobh tabhairt agus gabhail, ach sibhse a‑mhàin.

O Ghalàtianacha amaideach, cò a chuir draoidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh umhail don fhìrinn, don robh Crìosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ur sùl, air a cheusadh nur measg?

Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa.

Air dhuibh fios a bhith agaibh, ge bè math air bith a nì aon neach, gum faigh e an nì seo fhèin on Tighearna mas saor no daor e.

Seadh fòs, mar dhuine a thèid as an rathad le fìon, tha e uaibhreach, agus chan eil e a’ gabhail fois; a’ meudachadh a chìocrais mar an uaigh; agus mar am bàs chan fhaodar a shàsachadh; agus tha e a’ cruinneachadh da ionnsaigh nan uile chinneach, agus a’ tional dha fhèin nan uile shluagh.

A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù.

Labhraidh mi, agus bidh lasachadh agam; fosglaidh mi mo bhilean, agus freagraidh mi.

An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr-shluagh na fairge thugad, agus gun tig feachd nan cinneach ad ionnsaigh.

Agus bha làmh an Tighearna orm anns an anmoch, mun tàinig esan a theich, agus dh’fhosgail i mo bheul, gus an tàinig e thugam anns a’ mhadainn; agus dh’fhosgladh mo bheul, agus cha robh mi na bu mhò balbh.

An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;

Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.

Guidheam oirbh, a bhràithrean, bithibh mar a tha mise; oir tha mise mar a tha sibhse: cha do rinn sibh eucoir sam bith orm.

Agus air mo shon-sa, a‑chum gun toirear dhomh comas labhairt le fosgladh mo bheòil ann an dànachd, a‑chum gum foillsich mi rùn-diamhair an t‑soisgeil;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan