Ach nuair a chì e a chlann, obair mo làmh-sa, na mheadhon, naomhaichidh iad m’ainm, agus naomhaichidh iad Tì naomh Iàcoib, agus bidh eagal orra ro Dhia Israeil.
Agus bidh do shluagh uile nam fìreanan; sealbhaichidh iad am fearann gu sìorraidh; am meangan a shuidhich mi, obair mo làmh, a‑chum gum bi mi air mo ghlòrachadh.
A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.
Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.
Agus an tì a choimheadas a àitheantan-san, tha e a’ gabhail còmhnaidh ann, agus esan annsan: agus le seo is aithne dhuinn gu bheil esan a’ gabhail còmhnaidh annainn, on Spiorad a thug e dhuinn.