Oir tha sinn ri osnaich an seo, a’ miannachadh a bhith air ar n‑èideadh le ar taigh o nèamh:
Le craiceann agus le feòil chòmhdaich thu mi, agus le cnàmhan agus fèithean-luthaidh dhìon thu mi.
Och is duine truagh mi! Cò a shaoras mi o chorp a’ bhàis seo?
Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.
Feuch, tha mi a’ labhairt nì diamhair ribh; cha chaidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile,
Oir tha mi air mo theannachadh eadar dhà nì, air dhomh a bhith togarrach air siubhal, agus a bhith maille ri Crìosd: oir is e seo as ro‑fheàrr: