Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean-phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh.
Ged nach toir an crann-fìge uaithe blàth, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn-ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean:
Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.