2 Corintianach 4:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas; Faic an caibideil |
Agus thubhairt Samuel ri Saul, Carson a chuir thu dragh orm lem thoirt a‑nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh am aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus chan eil e a’ toirt freagraidh dhomh nas mò, aon chuid le fàidhean no le aislingean: uime sin ghairm mi ortsa gu fios a thoirt dhomh ciod a nì mi.
An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.