Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
Tha aon ghlòir aig a’ ghrèin, agus glòir eile aig a’ ghealaich, agus glòir eile aig na reultan; oir tha eadar-dhealachadh eadar reul agus reul a‑thaobh glòire.
Oir a mheud is a tha de obraichean an lagha, tha iad fon mhallachadh; oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha a‑chum an dèanamh.
Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:
Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd: