Agus gabhaidh spiorad an Tighearna còmhnaidh air, spiorad gliocais agus tuigse, spiorad comhairle agus cumhachd, spiorad eòlais agus eagal an Tighearna:
Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.
Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.
(Ach labhair e seo mun Spiorad, a bha iadsan a chreideadh annsan gu fhaghail: oir cha robh an Spiorad fhathast air a thabhairt, do bhrìgh nach robh Iosa fhathast air a ghlòrachadh.)
Oir nan dèanadh an neach a thig Iosa eile a shearmonachadh nach do shearmonaich sinne, no nam faigheadh sibhse spiorad eile nach d’fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, dh’fhaodadh sibh gu math giùlan leis.
A rinn sinne mar an ceudna nar ministearan foghainteach an tiomnaidh nuaidh; chan ann den litir, ach den Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.
Ach ma bha ministrealachd a’ bhàis ann an sgrìobhadh air a ghearradh air clachan, glòrmhor, ionnas nach b’urrainn clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, airson glòir a ghnùise, a chuireadh air cùl;
Ach tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean ionmhainn don Tighearna, do bhrìgh gun do thagh Dia sibh o thùs a‑chum slàinte, tre naomhachadh an Spioraid, agus creidsinn na fìrinn:
A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.