Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 3:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh nuair a thilleas e a‑chum an Tighearna, togar an còmhdach dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach nuair a chaidh Maois a‑steach an làthair an Tighearna a labhairt ris, thug e an gnùis-bhrat dheth, gus an tàinig e a‑mach. Agus thàinig e a‑mach, agus labhair e ri cloinn Israeil an nì sin a dh’àithneadh dha.

Agus sgriosaidh e air a’ bheinn seo an còmhdach a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh, agus an sgàil a bha air a sgaoileadh thar na h‑uile chinnich.

Agus anns an là sin cluinnidh na bodhair briathran an leabhair; agus as an dubhar agus as an dorchadas gheibh sùilean nan dall an lèirsinn.

Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.

Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.

Rannsaicheamaid agus dearbhamaid ar slighean, agus tilleamaid a‑rìs a dh’ionnsaigh an Tighearna.

Agus suidhichear iadsan mar an ceudna, mura buanaich iad nam mì‑chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a‑rìs.

Ach eadhon gus an là‑an‑diugh, nuair a leughar Maois, tha an còmhdach air an cridhe.

Ma dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan, agus a reachdan, a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo, agus ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam.

Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan