An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.
Cò a tha air fhàgail nur measg a chunnaic an taigh seo na chiad ghlòir? Agus cionnas a tha sibh ga fhaicinn a‑nis? Nach eil e nur sùilean, làimh ri sin, mar neoni?
Mu mheadhon-là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium.
Oir fhuair e o Dhia an t‑Athair urram agus glòir, nuair a thàinig a shamhail seo de ghuth da ionnsaigh on ghlòir òirdheirc, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, anns a bheil mo mhòr-thlachd.
Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.