An tòisich sinn a‑rìs air sinn fhèin a mholadh? No a bheil feum againn, mar aig dream àraidh, air litrichean molaidh dur n‑ionnsaigh-se, no air litrichean molaidh uaibh?
Agus nuair bu mhiann leis dol gu Achaia, an dèidh a chomhairleachadh, sgrìobh na bràithrean a‑chum nan deisciobal iad a ghabhail ris: neach, air dha teachd, a rinn còmhnadh mòr riùsan a chreid tre ghràs:
A rèir mar a tha mise a’ dèanamh toil nan uile dhaoine anns na h‑uile nithean, gun a bhith ag iarraidh mo bhuannachd fhèin, ach buannachd mhòran, a‑chum gun tèarnar iad.
A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear-togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air.
Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul.
Oir chan eil de dhànadas againn sinn fhèin a chur an àireamh, no a choimeas ri dream àraidh a mholas iad fhèin: ach air dhaibhsan a bhith gan tomhas fhèin eatorra fhèin, agus gan coimeas fhèin riu fhèin, chan eil iad glic.
Oir ged dhèanainn càil-eigin nas mò de uaill as ar cumhachd-ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail-se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:
Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.
A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim-se.
Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe.