Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.

Agus dìoghaltas ullamh againn ri dhèanamh air gach uile eas-ùmhlachd, nuair a choileanar ur n‑ùmhlachd-se.

Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile.

Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh.

Uime sin guidheam oirbh gun daingnicheadh sibh ur gràdh dha.

Eadhon gu robh, ann am mòr-dhearbhadh àmhghair, pailteas an aoibhneis, agus doimhne am bochdainn, ro‑phailt a‑chum saoibhreas am fialaidheachd.

Uime sin nochdaibh dhaibhsan, agus am fianais nan eaglaisean, dearbhadh ur gràidh-se, agus ar n‑uaill-ne dur taobh.

Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

Ach is aithne dhuibh a dhearbhadh-san, mar mhac da athair, gun do rinn e seirbhis maille riumsa anns an t‑soisgeul.

Agus ma tha neach sam bith nach toir ùmhlachd dar facal-ne tre an litir seo, comharraichibh esan, agus na biodh coluadar agaibh ris, a‑chum gum bi nàire air.

Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan