Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ruith sruthan dheur sìos om shùilean, a chionn nach do choimhead iad do lagh.

Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.

Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.

Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean.

Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon-san a rinn an eucoir, no air a shon-san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram-ne mur timcheall-se ann am fianais Dhè.

(Oir tha mòran a’ gluasad, mun dubhairt mi gu minig ribh, agus mum bheil mi a‑nis eadhon a’ gul ag ràdh ribh, gur naimhdean iad do chrann-ceusaidh Chrìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan