A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, tre ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, gun labhair sibh uile an t‑aon nì, agus nach bi roinnean nur measg; ach gum bi sibh ceangailte ri chèile gu diongmhalta ann an aon inntinn, agus ann an aon bharail.
Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas-urram.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.
Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh-se.
Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.
Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd:
Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.
Gu làn-choitheanal agus eaglais nan ciad-ghin, a tha sgrìobhte anns na nèamhan, agus gu Dia, britheamh nan uile, agus gu spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,
Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh: