Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 13:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chan urrainn sinn nì air bith a dhèanamh an aghaidh na fìrinn, ach airson na fìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Micaiah, Ma thilleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile.

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Mar eun air faondradh, mar an gòbhlan-gaoithe ag itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun adhbhar.

Ach thubhairt Iosa, Na bacaibh e; oir chan eil neach sam bith a nì mìorbhail am ainm-sa dom bheil e an comas olc a labhairt gu h‑ealamh umam.

Oir ged dhèanainn càil-eigin nas mò de uaill as ar cumhachd-ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail-se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:

Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.

A‑nis tha mi a’ guidhe air Dia gun sibhse a dhèanamh uilc air bith; chan ann a‑chum gum faicear sinne a bhith dearbhte, ach a‑chum gun dèanadh sibhse an nì sin a tha math, ged robh sinne mar dhaoine a chuireadh air cùl.

Oir tha sinn subhach nuair a tha sinn fhèin anfhann, agus sibhse làidir: agus tha sinn a’ guidhe seo mar an ceudna, sibhse a bhith coileanta.

Dem bheil Himenèus agus Alecsander; muinntir a thug mise thairis do Shàtan, a‑chum len smachdachadh gum fòghlamadh iad gun toibheum a labhairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan