Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:
Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.
Ceasnaichibh sibh fhèin, a bheil sibh anns a’ chreideamh; dearbhaibh sibh fhèin: nach aithne dhuibh sibh fhèin, gu bheil Iosa Crìosd annaibh, mura daoine a chuireadh air cùl sibh?
A‑nis tha mi a’ guidhe air Dia gun sibhse a dhèanamh uilc air bith; chan ann a‑chum gum faicear sinne a bhith dearbhte, ach a‑chum gun dèanadh sibhse an nì sin a tha math, ged robh sinne mar dhaoine a chuireadh air cùl.