Ceasnaichibh sibh fhèin, a bheil sibh anns a’ chreideamh; dearbhaibh sibh fhèin: nach aithne dhuibh sibh fhèin, gu bheil Iosa Crìosd annaibh, mura daoine a chuireadh air cùl sibh?
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa.
Mise anntasan, agus thusa annamsa, a‑chum gun dèanar coileanta iad ann an aon; agus a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gun do chuir thusa uat mi, agus gun do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise.
Nach eil fhios agaibh gun toir na naoimh breith air an t‑saoghal? Agus ma bheirear breith air an t‑saoghal leibhse, an e nach fiù sibh a bhith nur britheamhan air na cùisean as lugha?
Nach eil fhios agaibh iadsan a tha a’ ruith anns a’ bhlàr-rèise, gun ruith iad uile, ach is aon duine a gheibh an duais? Guma h‑amhail a ruitheas sibhse, ionnas gun glac sibh an duais.
Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.
Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.
Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.
Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.
Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.
A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:
Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh-làimh air.
Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.
Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.
Cuimhnich uime sin cia uaithe a thuit thu, agus gabh aithreachas, agus dèan na ciad obraichean; no thig mi ort gu grad, agus atharraichidh mi do choinnleir as àite, mura gabh thu aithreachas.