Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’innis mi cheana, agus tha mi ro‑làimh ag innse dhuibh, mar gum bithinn an làthair an dara uair; agus a‑nis air dhomh a bhith as ur làthair, tha mi a’ sgrìobhadh a‑chum na dream a pheacaich roimhe seo, agus a‑chum chàich uile, ma thig mi a‑rìs, nach caomhain mi:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

A shamhail seo de dhuine a thoirt thairis do Shàtan a‑chum sgrios na feòla, a‑chum gum bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearna Iosa.

Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus.

Feuch, tha mi ullamh a‑nis an treas uair gu teachd dur n‑ionnsaigh; agus cha chuir mi mo throm oirbh; oir chan e ur cuid a tha mi ag iarraidh, ach sibh fhèin: oir chan eil e mar fhiachan air a’ chloinn ionmhas a chruinneachadh fa chomhair nam pàrantan, ach air na pàrantan fa chomhair na cloinne.

Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan