Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha na naoimh uile a’ cur beannachd dur n‑ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean fhèin a‑mhàin, ciod a tha sibh a’ dèanamh thar chàich? Nach eil na cìs-mhaoir fhèin a’ dèanamh an nì cheudna?

Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh.

Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn-iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.

Tha an eaglais ann am Bàbilon, a thaghadh maille ribhse, a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus mo mhac.

Tha clann do pheathar thaghte a’ cur fàilte ort. Amen.

Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan