Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 12:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ged b’àill leam uaill a dhèanamh, cha bhi mi am amadan; oir labhraidh mi an fhìrinn: gidheadh tha mi a’ cumail orm fhèin, air eagal gum bi meas aig duine orm thar mar tha e gam fhaicinn, no a’ cluinntinn umam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus mura eil e mar sin a‑nis, cò a nì breugaire dhìom, agus a bheir gu neoni mo chainnt?

Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh),

Cò e mas eadh Pòl, agus cò e Apollos, ach ministearan, tre an do chreid sibh, eadhon mar a thug an Tighearna do gach aon?

Ach mar a tha Dia fìrinneach, cha b’e ar còmhradh ribhse seadh agus chan eadh.

Tha mi ag ràdh a‑rìs, Na measadh aon neach gur amadan mi; no fòs, gabhaibh rium, mar amadan fhèin, a‑chum gun dèan mi beagan uaill asam fhèin.

Tha fhios aig Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi a’ dèanamh brèige.

Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.

Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.

Oir ma tha sinn a dh’easbhaidh cèille, is ann do Dhia: agus ma tha ar ciall againn, is ann dhuibhse.

Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris-san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan