Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 12:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ghuidh mi air Tìtus dol dur n‑ionnsaigh, agus chuir mi bràthair maille ris: an do rinn Tìtus buannachd dhibh? Nach do ghluais sinn anns an aon spiorad? Agus anns na h‑aon cheuman?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna.

Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh.

Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:

Ach Dia a bheir comhfhurtachd dhaibhsan a tha air an leagadh sìos, thug e comhfhurtachd dhuinne le teachd Thìtuis:

Gabhaibh rinne: cha do rinn sinn eucoir air aon duine, cha do thruaill sinn aon duine, cha do mheall sinn aon duine.

Os bàrr, on là air an tugadh òrdagh dhomh mi a bhith am uachdaran orra ann an tìr Iùdah, on fhicheadamh bliadhna, eadhon gus an dara-bliadhna-deug ar fhichead de Artacsercses an rìgh, dà‑bhliadhna-dheug, cha d’ith mise no mo bhràithrean aran an uachdarain.

Agus bha Maois ro‑dhiombach; agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad dan tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uapa, cha mhò a rinn mi cron air aon dhiubh.

Ciod as àill leibh? An tig mi dur n‑ionnsaigh le slait, no ann an gràdh, agus ann an spiorad na macantachd?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan