Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.
Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.
Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo.
Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè.