Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang:
Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.
Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.