Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 11:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An do rinn mi cionta le mi fhèin ìsleachadh a‑chum gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, no a chionn gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè an asgaidh dhuibh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith.

Seadh, is aithne dhuibh fhèin gun do fhritheil na làmhan seo dom uireasbhaidh fhèin, agus don mhuinntir sin a bha maille rium.

Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè,

Ma tha muinntir eile nan luchd-compàirt den chumhachd seo thairis oirbh, nach mò as còir dhuinne a bhith? Gidheadh, cha do chuir sinn an cumhachd seo an cleachdadh; ach tha sinn a’ fulang nan uile nithean, a‑chum nach cuireamaid bacadh air soisgeul Chrìosd.

No a bheil mise agus Barnabas a‑mhàin gun chomas againn a bhith saor o obair?

A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:

A‑chum an soisgeul a shearmonachadh anns na h‑ionadan an taobh thall dhibhse, agus chan ann a‑chum uaill a dhèanamh ann an riaghailt duine eile, à nithean a tha ullamh cheana.

Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo.

Os bàrr, nuair a thàinig mi gu Tròas a‑chum soisgeul Chrìosd a shearmonachadh, agus a dh’fhosgladh doras dhomh leis an Tighearna,

Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.

Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan