Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 11:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir giùlainidh sibh gu toileach le amadain, do bhrìgh gu bheil sibh fhèin glic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas-urram.

Tha mi a’ labhairt mar ri daoine tuigseach: thugaibh-se breith air an nì a tha mi ag ràdh.

A‑nis a‑thaobh nithean a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againn gu bheil eòlas againn uile. Ataidh an t‑eòlas suas, ach bheir gràdh fòghlam.

Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan