Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 11:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Do bhrìgh gu bheil mòran a’ dèanamh uaill a rèir na feòla, nì mise uaill mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas-urram.

Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh?

Ach an nì a tha mi a’ dèanamh, nì mi fhathast e, a‑chum gun toir mi air falbh cion-fàth uapasan lem bu mhiann cion-fàth fhaotainn, a‑chum anns an nì as a bheil iad a’ dèanamh uaill, gum faighear iad eadhon mar sinne.

Gu deimhinn chan eil e iomchaidh dhòmhsa uaill a dhèanamh: ach thig mi a‑chum seallaidhean agus taisbeanaidhean an Tighearna.

Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.

Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.

Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.

Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan