Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 10:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir ar n‑airm-chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Slat-shuaicheantais do chumhachd cuiridh an Tighearna a‑mach à Sion; bi thusa ad uachdaran am meadhon do naimhdean.

Agus air gach beinn mhòir, agus air gach cnoc àrd, bidh caochain agus sruthan uisge; ann an là an àir mhòir, nuair a thuiteas na baidealan.

Feuch, chuir mi thu air an là‑an‑diugh os cionn nan cinneach agus os cionn nan rìoghachdan, gu spìonadh as, agus gu tarraing a‑nuas, agus gu sgrios, agus gu leagail; gu togail, agus gu suidheachadh.

Nach ionann m’fhacal-sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean?

Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Eiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan.

Tha cuid mhòr den oidhche air dol seachad, tha an là am fagas: uime sin cuireamaid dhinn obraichean an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t‑solais.

Agus na tugaibh ur buill nan airm euceirt don pheacadh: ach thugaibh sibh fhèin do Dhia, mar dhream a tha beò o na mairbh, agus ur buill nan airm fìreantachd do Dhia.

A‑chum gum biodh ur creideamh-se chan ann an gliocas dhaoine, ach ann an cumhachd Dhè.

Cò a thèid a‑chum cogaidh uair air bith air a chosdas fhèin? Cò a shuidhicheas fìonlios, agus nach ith de a thoradh? No cò a bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud?

Oir ged dhèanainn càil-eigin nas mò de uaill as ar cumhachd-ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail-se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:

Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.

Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd;

Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean creadha, a‑chum gum bi òirdheirceas a’ chumhachd o Dhia, agus chan ann uainne.

Ann am facal na fìrinn, ann an cumhachd Dhè, le airm na fìreantachd air an làimh dheis agus chlì.

Ach bitheamaid-ne, a tha den là, stuama, a’ cur oirnn uchd-èideadh a’ chreidimh agus a’ ghràidh, agus mar chlogaid, dòchas na slàinte:

An àithne seo tha mi ag earbsa riut, a Thimòteuis, a mhic, a rèir na fàidheadaireachd a rinneadh umad roimhe seo, a‑chum trìdsan gun cogadh tu deagh chogadh;

Fuiling thusa uime sin cruaidh-chàs, mar dheagh shaighdear Iosa Crìosd.

Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.

Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan