Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ged tha sinn ag imeachd anns an fheòil, chan ann a rèir na feòla a tha sinn a’ cogadh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Oir nuair a bha sinn anns an fheòil, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs.

Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò.

A‑chum gum biodh fìreantachd an lagha air a coileanadh annainne, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.

Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh?

(Oir ar n‑airm-chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:)

Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

An àithne seo tha mi ag earbsa riut, a Thimòteuis, a mhic, a rèir na fàidheadaireachd a rinneadh umad roimhe seo, a‑chum trìdsan gun cogadh tu deagh chogadh;

Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh.

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan