Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 10:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Dèanaibh uaill as a ainm naomh-san; biodh gàirdeachas air cridhe na dream a dh’iarras an Tighearna.

A‑chum gum faic sinn math do dhaoine taghte, a‑chum gun dèan sinn aoibhneas ann an aoibhneas do chinnich, a‑chum gun dèan sinn uaill led oighreachd-sa.

Fasgnaidh tu iad, agus bheir a’ ghaoth air falbh iad, agus sgapaidh a’ chuairt-ghaoth iad; ach nì thusa gàirdeachas anns an Tighearna, nì thu uaill ann an Tì naomh Israeil.

Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.

An neach a bheannaicheas e fhèin air talamh, beannaichidh e e fhèin ann an Dia na fìrinn; agus an neach a bheir mionnan air talamh, mionnaichidh e air Dia na fìrinn; a chionn gu bheil na h‑àmhgharan roimhe air an dìochuimhneachadh, agus a chionn gu bheil iad falaichte om shùilean.

Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill.

Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.

Ionnas nach dèanadh feòil sam bith uaill na fhianais.

A‑chum, a rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

Oir is sinne an timcheall-ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan