Agus tomhaisidh mise a‑mach breitheanas leis an riaghailt, agus ceartas leis an t‑sreing-thomhais; agus sguabaidh a’ chlach-mheallain air falbh an dìdein-bhrèige, agus còmhdaichidh na h‑uisgeachan an t‑àite-falaich.
Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais; agus air ball ghabh e a thuras.
Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar-dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh;
Seadh, mar sin bha ro‑dhèidh agam air an soisgeul a shearmonachadh, chan ann anns an ionad anns an robh Crìosd air ainmeachadh, a‑chum nach togainn air bunait neach eile: