Ithidh daoine reamhar na talmhainn uile, agus nì iad adhradh; na làthair-san sleuchdaidh iadsan uile a thèid sìos don duslach; oir cha chùm neach a anam beò.
Nuair a their mise ris an fhìrean gum mair e gu deimhinn beò: ma nì e bun as a fhìreantachd fhèin, agus gun dèan e aingidheachd, cha chuimhnichear a uile fhìreantachd; ach airson a aingidheachd a rinn e, airson sin gheibh e bàs.
Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha: