Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia,

Agus air dha seo a ràdh, sgaoil e an coitheanal.

Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,

Agus chan àill leam, a bhràithrean, e a bhith an an‑fhios dhuibhse gun do chuir mi romham gu minig teachd dur n‑ionnsaigh (ach bhacadh mi gus a seo), a‑chum gum faighinn toradh-eigin nur measg-se fòs, mar am measg nan Cinneach eile.

Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann.

A‑nis tha sibh sàthach, a‑nis rinneadh saoibhir sibh, rìoghaich sibh as ar n‑eugmhais-ne. Agus bu mhiann leam gum bu rìghrean sibh, a‑chum gum bitheamaid-ne nar rìghrean maille ribh.

Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh:

Mar dhream nach aithnichear, gidheadh air a bheil deagh aithne; mar dhream a tha a’ faghail a’ bhàis, gidheadh feuch, tha sinn beò; mar dhream a tha air an smachdachadh, agus gun a bhith air am marbhadh;

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.

Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan