Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma tha sinn fo àmhghar, is ann airson ur comhfhurtachd agus ur slàinte-se, a tha air a h‑obrachadh le sibh a dh’fhulang nam fulangas ceudna, a tha sinne a’ fulang: no mas comhfhurtachd dhuinn is ann a‑chum ur comhfhurtachd agus ur slàinte-se.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh.

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.

A‑nis an tì a dh’obraich sinn a‑chum seo fhèin is e Dia e, a thug dhuinn mar an ceudna geall-daingnich an Spioraid.

Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Iosa Crìosd air ur son-se, a Chinneacha;

Uime sin tha mi ag iarraidh nach fannaich sibh as leth mo thrioblaidean-sa air ur son, nì as e ur glòir.

Oir tha fhios agam gun tig seo a‑chum slàinte dhòmhsa tre ur n‑ùrnaigh-se, agus tre fhrithealadh Spiorad Iosa Crìosd.

Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan