Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.

A rèir mo ro‑dhùil, agus mo dhòchais, nach cuirear nàire orm ann an nì air bith, ach leis an uile dhànachd labhairt, mar a‑ghnàth, gum bi Crìosd a‑nis mar an ceudna air àrdachadh ann am chorp-sa, mas ann tre bheatha no tre bhàs.

Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair;

A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs;

Tha mi a‑nis a’ dèanamh gàirdeachais ann am fhulangais air ur son-se, agus a’ coileanadh a mheud is a tha a dhèidh-làimh de àmhgharan Chrìosd ann am fheòil, airson a chuirp-san, eadhon na h‑eaglais:

Mo gheur-leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur-leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi.

Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan