Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna.

Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd.

Ach air do Iòseph a fear a bhith na dhuine cothromach, agus gun toil aige ball-sampaill a dhèanamh dhith, bu mhiann leis a cur uaithe os ìosal.

Ach guma h‑e as còmhradh dhuibh, Seadh, seadh; Chan eadh, chan eadh: oir ge bè nì a bhios os cionn seo, is ann on olc a tha e.

Tha sibhse a’ toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a’ toirt breith air duine sam bith.

Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.

Do bhrìgh gu bheil mòran a’ dèanamh uaill a rèir na feòla, nì mise uaill mar an ceudna.

A Mhac fhèin fhoillseachadh annam, a‑chum gun searmonaichinn e am measg nan Cinneach; air ball cha do chuir mi comhairle ri feòil agus fuil:

Agus chaidh mi suas a rèir foillseachaidh, agus chuir mi an cèill dhaibh an soisgeul a tha mi a’ searmonachadh am measg nan Cinneach, ach ann an uaigneas dhaibhsan air an robh meas, air eagal air chor sam bith gun ruithinn, no gun do ruith mi, gu dìomhain.

Uime sin bu mhiann leinn teachd dur n‑ionnsaigh (eadhon leamsa Pòl), uair no dhà: ach bhac Sàtan sinn.

Ach ro na h‑uile nithean, mo bhràithrean, na tugaibh mionnan, aon chuid air nèamh, no air an talamh, no air mionnan sam bith eile: ach guma h‑e ur còmhradh, Seadh, seadh, agus Chan eadh, chan eadh; air eagal gun tuit sibh ann an dìteadh.

Agus thug iad dha trì-fichead agus deich buinn airgid à taigh Bhàail-bherit, leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoine agus aotrom, a lean e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan