Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile.

Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh.

Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.

Uime sin na dèanadh neach sam bith tàir air: ach thugaibh air aghaidh e ann an sìth, a‑chum gun tig e am ionnsaigh-sa: oir tha sùil agam ris maille ris na bràithrean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan