Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas-ne ann an là an Tighearna Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn-diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach.

Neach mar an ceudna a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìoch, a‑chum gum bi sibh neo-lochdach ann an là ar Tighearna Iosa Crìosd.

Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.

Air ur gàirdeachas-se a tha agam ann an Iosa Crìosd ar Tighearna, tha mi a’ faghail a’ bhàis gach là.

Ach ma thug neach sam bith adhbhar doilgheis, cha do chuir e doilgheas ormsa, ach ann an cuid; a‑chum nach cuirinn ro‑uallach oirbh uile.

Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe.

Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.

A‑chum gun dearbh sibh na nithean as fheàrr; a‑chum gum bi sibh treibhdhireach, agus gun tuisleadh gu là Chrìosd;

A‑chum gum bi ur gàirdeachas nas pailte ann an Iosa Crìosd dom thaobh-sa, airson mi a bhith a‑rìs an làthair maille ribh.

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach agus air a bheil mo dhèidh, m’aoibhneas agus mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann anns an Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh.

A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.

Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan