Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Corintianach 1:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha:

Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.

Tha Timòteus mo cho-obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd-dàimhe.

Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd.

Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè:

A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal maille ribh: oir tha e a’ saothrachadh ann an obair an Tighearna, mar a tha mise.

Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad-thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh),

Mo ghràdh-sa maille ribh uile ann an Iosa Crìosd. Amen.

Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.

Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh.

Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus.

Mar a tha fìrinn Chrìosd annam, cha chumar an uaill seo uam ann an crìochan Achaia.

Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud-se ro‑mhòran.

Pòl abstol (chan ann o dhaoine, no tre dhuine, ach tre Iosa Crìosd, agus tre Dhia an t‑Athair, a thog suas e o na mairbh),

Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd.

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd:

Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:

Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus, a‑chum eaglais nan Tesalònianach, a tha ann an Dia an t‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd: gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Agus chuir sinn Timòteus, ar bràthair agus ministear Dhè, agus ar co‑obraiche ann an soisgeul Chrìosd, a‑chum sibhse a dhaingneachadh, agus comhfhurtachd a thoirt dhuibh mu thimcheall ur creidimh;

Pòl, agus Siluanus, agus Timòteus a‑chum eaglais nan Tesalònianach, ann an Dia ar n‑Athair, agus anns an Tighearna Iosa Crìosd:

Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas;

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a rèir gealladh na beatha, a tha ann an Iosa Crìosd.

Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;

Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Biodh fhios agaibh gun do chuireadh ar bràthair Timòteus air a chomas; maille ris-san, ma thig e gu goirid, chì mi sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan