Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air nì sam bith, ach tha e as a chèill mu thimcheall cheistean, agus bhriathar-connsachaidh, on tig farmad, còmhstri, ana-cainnt, droch amharasan.
Ach tha an dream sin a’ labhairt gu toibheumach air na nithean nach aithne dhaibh: ach na nithean sin as aithne dhaibh air mhodh nàdarra, mar ainmhidhean gun reusan, tha iad gan truailleadh fhèin annta.
Ach iadsan, mar ainmhidhean nàdarra eu‑cèillidh, a rinneadh gu bhith air an glacadh, agus air an sgrios, air dhaibh a bhith a’ labhairt gu toibheumach mu na nithean nach tuig iad, sgriosar iad nan truaillidheachd fhèin;
Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun-os‑cionn an luchd-èisdeachd.
Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.
Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;
Agus gun aire a thoirt do sgeulachdan, agus do shloinnteireachd gun chrìoch, a bheir adhbhar do cheistean, nas mò na do fhòghlam diadhaidh, a tha tre chreideamh: dèan mar sin.
Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo.
Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:
A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.
Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;
Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.
Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.
Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic.
Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.
Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin:
Feuch, tha sibh a’ trasgadh a‑chum connsachaidh agus aimhreit, agus a‑chum bualadh le dòrn na h‑eucorach; cha bhi sibh ri trasg mar air an là‑an‑diugh, a thoirt air ur guth gun cluinnear e gu h‑àrd.