Ma bheir aon neach atharrachadh teagaisg uaithe, agus nach aontaich e do bhriathran fallain, eadhon do bhriathran ar Tighearna Iosa Crìosd, agus don teagasg, a tha a rèir na diadhachd:
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad.
Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,
Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa;
Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd-teagaisg a rèir an ana-miann;
A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail.
Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh-chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.