Tha mi a’ sparradh ort uime sin am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a bheir breith air beò agus marbh, aig a theachd dealrach agus na rìoghachd:
Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:
Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa;
A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail;