1 Timòteus 5:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Thoir urram do bhantraichean a tha nam bantraichean da‑rìribh. Faic an caibideil |
Agus thig an Lèbhitheach (a chionn nach eil roinn no oighreachd aige maille riut), agus an coigreach, agus an dìlleachdan agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus ithidh iad agus sàsaichear iad; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe a nì thu.
Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.