Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Timòteus 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na mnathan aosda mar mhàthraichean, na mnathan òga mar pheathraichean, maille ris an uile fhìorghlaine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir ge bè neach a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh, is e sin fhèin mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair.

Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.

Seachnaibh gach uile choslas uilc.

Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh-beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine.

Na garg-chronaich seanair, ach cuir impidh air mar athair, agus air na h‑òigfhir mar bhràithrean;

Thoir urram do bhantraichean a tha nam bantraichean da‑rìribh.

Teich uime sin o ana-miannan na h‑òige: ach lean fìreantachd, creideamh, gràdh, sìth, maille riùsan a tha a’ gairm air an Tighearna o chridhe glan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan