Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Timòteus 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna is còir do na dèaconan a bhith suidhichte, gun an teanga a bhith leam-leat, gun a bhith cionail air mòran fìona, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad.

Oir chan eil ceart nam beul; is fìor aingidheachd an taobh a‑staigh dhiubh; is uaigh fhosgailte an sgòrnan; nì iad miodal len teangaidh.

Chuir thu do bheul a‑chum uilc, agus dhealbh do theanga cealg.

Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtainn ghèir, ag obrachadh ceilge.

Cha mhò a dh’òlas sagart air bith fìon, nuair a thèid iad a‑steach don chùirt a‑staigh.

Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;

Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean:

Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:

Biodh na dèacoin nam fir aon mhnà, a’ riaghladh an cloinne, agus an taighe fhèin gu math.

Uime sin is còir do easbaig a bhith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh-bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg;

Gun a bhith na phòitear, gun a bhith tuasaideach, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich; ach macanta, neo-thuasaideach, neo-shanntach;

Na òl uisge nas mò, ach cleachd beagan fìona airson do ghoile, agus d’anfhainneachd mhinig.

Oir is còir do easbaig a bhith neo-choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin-thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;

Mar an ceudna na mnathan aosda a bhith nan giùlan mar as cubhaidh do naomhachd, gun a bhith nan luchd-tuaileis, gun a bhith trom air fìon, a bhith nan luchd-teagaisg air nithean matha;

As an aon bheul tha beannachadh agus mallachadh a’ teachd a‑mach. Mo bhràithrean, cha chòir do na nithean seo a bhith mar seo.

Beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, a’ gabhail cùraim dheth, chan ann a dh’aindeoin, ach gu deònach; chan ann airson buannachd shalaich, ach le inntinn ealamh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan