Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi.
Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.
Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta.
Oir an dream a ghnàthaich dreuchd dèacoin gu math, tha iad a’ cosnadh deagh cheum dhaibh fhèin, agus dànachd mhòr anns a’ chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.
Ach ma nì mi moille, a‑chum gum bi fhios agad cionnas as còir dhut thu fhèin a ghiùlan ann an taigh Dhè, nì as e eaglais an Dè bheò, post agus stèidh na fìrinn.