Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Timòteus 3:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is amhail sin is còir do na mnathan a bhith suidhichte, gun a bhith nan luchd-tuaileis; ach a bhith measarra, ionraic anns na h‑uile nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna na mnathan aosda a bhith nan giùlan mar as cubhaidh do naomhachd, gun a bhith nan luchd-tuaileis, gun a bhith trom air fìon, a bhith nan luchd-teagaisg air nithean matha;

Gun olc a labhairt mu neach air bith, a bhith neo-thuasaideach, mìn, a’ taisbeanadh an uile cheannsachd do na h‑uile dhaoine.

Uime sin is còir do easbaig a bhith neo-lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh-bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg;

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

Gun ghràdh nàdarra, nan luchd-brisidh coicheangail, tuaileasach, neo-gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,

Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.

Ach dèan thusa faire anns na h‑uile nithean, fuiling cruaidh-chàs, dèan obair soisgeulaiche, làn-choilean do mhinistrealachd.

Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich.

Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

Fhreagair Iosa iad, Nach do thagh mise sibhse dà‑fhear-dheug, agus tha fear agaibh na dhiabhal?

An sin threòraicheadh Iosa leis an Spiorad don fhàsach, a‑chum gum biodh e air a bhuaireadh leis an diabhal.

Cha mhò a ghabhas iad dhaibh fhèin mar mhnaoi bantrach, no bean a chuireadh air falbh: ach gabhaidh iad maighdeannan de shliochd taigh Israeil, no bantrach aig an robh sagart roimhe.

Bithibh air ur faicill, gach aon ro a choimhearsnach, agus na earbaibh à bràthair air bith: oir le foill meallaidh gach bràthair, agus gluaisidh gach companach gu cealgach.

Mar fhuachd sneachda ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhaibhsan a chuireas uapa e; oir ath-bheothaichidh e anam a mhaighistir.

An tì gu diamhair a bheir beum da choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an tì aig a bheil sealladh àrd agus cridhe uaibhreach, esan chan fhuiling mi.

Shuidh thu, agus an aghaidh do bhràthar labhair thu, agus do mhac do mhàthar thug thu beum.

Nach dèan cùl-chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach;

Cha ghabh iad bean a tha na strìopaich, no mì‑naomh; cha mhò a ghabhas iad bean a chuireadh air falbh o a fear: oir tha e naomh da Dhia.

Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch-bheusan; nan luchd-cogarsaich,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan