Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Timòteus 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Neach leis an àill na h‑uile dhaoine a bhith air an tèarnadh, agus iad a theachd a‑chum eòlas na fìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.

Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.

A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò?

Oir chan eil tlachd agamsa ann am bàs an tì a bhàsaicheas, tha an Tighearna Dia ag ràdh: uime sin, tillibh-se, agus mairibh beò.

Abair riu, Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, chan eil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh; ach gun tilleadh an t‑aingidh o a shlighe, agus gum biodh e beò: tillibh, tillibh, o ur droch shlighean, carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?

Gu cinnteach lìonar an talamh le eòlas glòir an Tighearna, mar a tha na h‑uisgeachan a’ còmhdachadh na fairge.

Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil.

A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.

Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.

Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.

Naomhaich iad tron fhìrinn: is e d’fhacal-sa an fhìrinn.

Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach.

Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho-fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh.

Oir is ann uime seo a tha sinn an dà chuid ri saothair, agus a’ fulang maslaidh, do bhrìgh gu bheil dòchas againn anns an Dia bheò, neach as e Slànaighear nan uile dhaoine, gu h‑àraidh nan creidmheach.

Ann an ceannsachd a’ teagasg na dream a sheasas na aghaidh; a dh’fheuchainn an toir Dia uair air bith aithreachas dhaibh, a‑chum aidmheil na fìrinn;

A’ sìor-fhòghlam, agus gun chomas dhaibh gu bràth teachd a‑chum eòlas na fìrinn.

Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;

Oir dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhè do na h‑uile dhaoine;

Oir ma pheacaicheas sinn de ar toil fhèin an dèidh dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn, chan fhàgar tuilleadh dhuinn ìobairt airson peacaidh,

Ach ma tha eud searbh agus còmhstri agaibh nur cridhe, na dèanaibh uaill, agus na dèanaibh breug an aghaidh na fìrinn.

Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.

An seanair a‑chum na ban-tighearna thaghte, agus a‑chum a cloinne, as ionmhainn leam anns an fhìrinn; agus chan ann leamsa a‑mhàin, ach leòsan uile mar an ceudna a ghabh eòlas air an fhìrinn;

Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan